Eadar 2 Sgeul

BLOG GÀIDHLIG SA GHÀIDHLIG...

Friday, September 08, 2006

A' DÈANAMH FEAD ...

Thill mi dhachaigh a-nochd 's mi cho sunndach! Dìreach airson 's gun robh mi a' feadalaich phuirt leam fhìn 's mi a' coiseachd sna sràidean. Puirt nam Beatles a bha ruith nam cheann às dèidh dhomh a bhith air èisteachd ri ceòl ... nam Beatles.
(An urrain dhomh ràdh a-nis gun do fhuair mi 'port a rèir mo choise', mar a bhitheas an seanfhacal a' dol???!!!!)

Ach sann ann an dòigh gu tur eadar-dhealaichte gu dearbh gun robh na puirt sin: bhon chlàr air a bheil Beatles Go Baroque. 'S e sin ri ràdh gun robh na puirt h-uile (20 dhiubh) air a chluich le orcastra bhig mar gun deigheadh iad sgrìobhadh mar phìosan ciùil clasaigeach an toiseach ach le buaidh bho Vivaldi, Haendel neo fiù 's Bach!

Abair an diofar a tha ann! Agus cothrom na puirt h-aosta (!?) sin le cluasan ùra chluinntinn. Dìreach sgoinneil! Dìreach! Mar sin bhithinn toilichte gu leòr an CD sin mholadh: CD a thoirt Naxos a-mach. Cheannaich mi e an t-seachdain seo chaidh dha mo mhàthair ('s i cho dèidheil air na Beatles) air an robh mi a' chèilidh a-nochd...

0 Comments:

Post a Comment

<< Home