Eadar 2 Sgeul

BLOG GÀIDHLIG SA GHÀIDHLIG...

Monday, September 11, 2006

A' DÈANAMH FIUGHAIR ...

Nuair a bha a h-uile mac màthar ball-aodaich agam anns an inneal-nighe na launderette feasgar Disathairne ( ‘s e sin ri ràdh a' bhòn-dè) chaidh mi dhan bhùth-tì faisg air làimh.

Tì: cha bhithinn beò as a h-aonais! Agus leis nach robh mòran thì uaine air fhàgail, bha agam ri dhol dhan bhùth! Mar bu dual bha caochladh tì ann. Roghnaich mi dà shèorsa eadar-dhealaichte: fear às Sìona ‘s fear eile às Iapan. Dè an dìofar eatarra? Anns a chumantas faodar a ràdh gu bheil blas feòir air tì às Sìona ‘s blas na mara air tì às Iapan.

(Chan eil mi eòlach air tì dhubh sam bith a tha às Iapan, ged a tha pailteas dhiubh às Sìona.)

Gu dearbh bha mi a' dèanamh fiughair ri blasadh air an tì ùr. Ach bha agam ri dhol air ais dhan launderette gus an nigheadaireachd a chur san tiormadair ‘s, às dèidh sin, a h-uile rud phasgadh ‘s msaa.

Ach thàinig an t-àm gu dearbh nuair a bha mi air ais dhachaidh ‘s air mo shocair, às dèidh an t-suipreach. Thòisich mi le tì Iapanach (sencha, air a bheil tenryu) ‘s chòrd e rium glan. Chan eil am blas ‘na mara’ ro mhòr ge-tà.

Ach chan eil an darna tì (an tè às Sìona) a’ còrdadh rium idir air sàilleabh ganntachd de bhlas oirre. Bha e gu ìre mhath neo-bhlasta ged a chaidh i tarraing airson greis mhath. Uill...

Ach air ais dhan phoite-tì a-nis... Feumaidh mi pìos beag eile dhen mhath an t-saoghail mealtainn!

0 Comments:

Post a Comment

<< Home