Eadar 2 Sgeul

BLOG GÀIDHLIG SA GHÀIDHLIG...

Sunday, September 17, 2006

À' DÈANAMH CIÙIL ...


Rudeigin ùr. Air neo cuideigin ùr. Ùr dhomhsa, co-dhiù. Tha mi air a bhith èisteachd ri clàr air a bheil dà phìos ciùil le Germaine Tailleferre. Cò i? B' e sgrìobhaiche ciùil às an Fhraing a bha innte.

Nuair a bha i an sàs ann an saoghal ceòl clasaigeach, cha robh mòran bhoireannach eile ann idir. (Rugadh i sa 1892 's chaochail i sa 1983.) Ach tha mi a-cheana gu math dèidheil air Arabesque, pìos air leth a chaidh a sgrìobhadh airson clàirneid 's piàno.

‘S e pìos gu math goirid a tha ann ach uabhasach tarraingeach. A chiad triop a chuala mi e, ghlac e m' inntinn sa bhad.

Tha rudeigin àraidh ceòlmhor anns a' phìos seo a tha a’ còrdadh rium. Mar sin tha e faireachdainnean sònrichte domhainn dhùsgadh annam air adhbhar air choirigein. Tha Arabesque ciùin: cho taitneach ri là grianach an t-samhraidh. Bidh thu aig fois nuair a bhitheas tu èisteachd ris am pìos seo, ‘s às dèidh làimh cuideachd...

Nach buidhe mi: bha mi airson ciùil le Aaron Copland èisteachd ‘s, le tuiteam, thachair mi ri clàr air an robh pìos le Copland ach tòrr eile a bharrachd --- bha an seud prìseil sin le Germaine Tailleferre nam measg...

Seo an clàr:
Copland - Sonata for Clarinet and Piano
and Clarinet Music by 'Les Six'.

Chuir Clarinet Classics a-mach e sa 2004. Bha fiù 's an Sunday Times ag ràdh mu dheidhinn: 'Most sheerly seductive record of the year.' Smaoinich!

2 Comments:

Post a Comment

<< Home