Eadar 2 Sgeul

BLOG GÀIDHLIG SA GHÀIDHLIG...

Saturday, September 23, 2006

DEARG RÙISGTE ...


Leis gu bheil am foghar oirnn a-rithist 's mar sin gu bheil na làithean, 's gu h-àraidh na h-oidhcheannan, a bhith air fàs nas fionnaire anns na ceàrnaidhean seo, cha bhitheadh e na smuain mhath idir a bhith dearg rùisgte.

‘S mar a tha na duilleagan beag air bheag a' tionndadh gu òr sa chraoibh fo chomhair an dorais air beulaibh an taighe, tha e a' toirt gu mo chuimhne làithean a tha fad air falbh a-nis.

Sa Ghiblean 1999, bha mi air saor-làithean airson seachdain ann an ceann a deas Fhlorida sna Stàitean Aonaichte. A chiad turas riamh a bha mi ann an shin. Bha an aimsir uabhasach fhèin teth ‘s bruthainneach. Dè cho teth ‘s bruthainneach? Bha fiù ‘s na busaichean ionadail uidheamaichte le ... siostam-fhuarachaidh! Smaoinich!

As dèidh là neo dhà, chuir mi romham dhol gu tràigh eile seach fuireach air tè an taigh-òsta ann an Sunny Iles, àiteigin eadar Fort Lauderdale 's Miami Beach. Mar sin fhuair mi mi fhìn air tràigh ris an canar Haulover Beach, àiteigin eadar Sunny Isles ‘s Miami Beach.

Ach b' e tràigh le diofar a bha ann. Tràigh far a dh’fhaodadh tu na gathan na grèine mhealtainn le neo gun deise-shnàmha. Cha mhòr nach robh a h-uile duine gun deise-shnàmha!

Bha a h-uile seòrsa de dhaoine air tràigh Haulover Beach: boireann 's fireann, òg 's sean, reamhar 's caol msaa. Ach faisg air a h-uile mac 's nic màthar dhiubh gam blianadh dearg rùisgte. Ach cha robh sin gu diofar -- cho fad ‘s a bhitheadh iad ola-grèine mhath chleachdadh ... anns a h-uile àite!

Là no dhà eile as dèidh sin, chuir mi romham dhol gu South Beach, àite a tha san fhasan ‘s air leth cool ann am Miami Beach. Dh’fhaodadh tu, a rèir coltais, daoine iomraiteach fhaicinn neo co-dhiù na taighean aca.

Tha cuimhne agam fhathast aig an taigh mòr mòr ud ‘s e a' coimhead cho beag beag leis gu robh e cho fada fada bhon t-sràid. Air taobh eile dhen gheata bha rathad prìobhaideach 's air gach taobh dheth sreath de chraobhan-phailm àrda a’ tulgadh gu socair a' dol gu taigh aig ... Madonna.

Ged a chunnaic mi taighean mòra eile le daoine iomraiteach eile, cha robh sgeul air duine beò annta. Ach nuair a bha mi air Ocean Drive, sràid ainmeil a ruitheas tarsaing bhon chuan ann an South Beach, pìos beag seachad air an taigh a bha a’ buntainn ri Donatella Versace, cò a bha ann ach seinneadair à Puerto Rico a bha a’ dèanamh ainm dha fhèin aig an àm. Seadh. Bha sgioba telebhisean ionadail agallamh chlàradh le Ricky Martin fhèin air staidhre thaigh-òsta bhig. Smèid e fiù dham ionnsaidh!

Là eile, choisich mi dhan taigh-bìdh faisg air an taigh-òsta agam ann an Sunny Isles. Cha robh càil a bha às an àbhaist ann ach dealbh le Céline Dion. Thuirt cuideigin dhomh gum b’ àbhaist dhi a’ dol ann.

A-muigh fon ghrèin ‘s ri taobh na mara, le mìltean de thràighean gainmhich, chaidh agam air an oifis dripeil ‘s fuaim nam fònaichean na broinn dhìochuimhneachadh.

Ged cha do mhair na saor-làithean sin ach seachdain, tha mi fhathast gam cuimhneachadh! Tha fuaim na mara fhathast nam chluasan! ‘S math dh’fhaodte gum bi seo beagan shòlais thoirt dhomh-sa mar a tha an aimsir a’ fàs nas fionnaire ann a sheo.

1 Comments:

Post a Comment

<< Home