Eadar 2 Sgeul

BLOG GÀIDHLIG SA GHÀIDHLIG...

Thursday, September 28, 2006

ANN AN CLÒ...


Dè cho connspaideach a tha a' Ghàidhlig?

Sgrìobh fear naidheachd rudeigin ann am pàipear-naidheachd Dhùn Èideann an là eile mu chànan mo ghaoil 's mo chridhe.

Chleachd am fear-naidheachd facal neo dhà gun do nochd gun robh e gu math aineolach a thaobh a' chànain -- ma dh'fhaoidte dìreach mar mòran dhaoin' eile.

Co-dhiù, a rèir na h-aithrise sa phàipear-naidheachd Disathairne sa chaidh, bha a’ Ghàidhlig na cànan marbh ‘s mar sin dheth cha robh i airidh air a bhith ga teagasg sna sgoiltean! Mo chreach!

Chuir mi romham a fhreagair. Agus rinn mi e. Mar sin dh'fhoillsich an Edinburgh Evening News an-diugh fhèin an litir a chuir mi thuca. Ma tha ùidh agad ga leughadh, brùth ann a sheo agus rach sìos gu Gaelic is 'modern language' too.

Chan eil agam mar Ghàidheal gabhail ri beachdan ceàrr, gu sònraichte sna meadhanan, mu dheidhinn mo chànan gun ghuth ràdh!

Nach eil inbhe oifigeil a tha ann aig a’ Ghàidhlig a-nis? Gun teagamh bidh daoine a' fàs cleachdte ris aig a' cheann thall...

1 Comments:

  • At 9/28/2006 10:24 pm, Blogger Graisg said…

    Tha pailteas nàmhaidean aig a' Ghaidhlig fhathast ach gu fòrtanach tha càirdean aice cuideachd. Agus gu dearbh tha i fhathast beò le beartas na broinn a tha air leth cudromach sna laithean seo den t-saoghal aon-mhargaidh, sannt-airgid a tha feuchainn ri làimh an uachdair faighinn air a h-uile càil.
    Suas leis a' Ghàidhlig!

     

Post a Comment

Links to this post:

Create a Link

<< Home