Eadar 2 Sgeul

BLOG GÀIDHLIG SA GHÀIDHLIG...

Tuesday, October 24, 2006

A' DÈANAMH GÀIRE


Chan eil mise seo tuigsinn idir. Ged nach do lorg mi na CDan a bha mi ag iarraidh, dh'fhàg mi a' bhùth le gàire air m' aodann.

Co-dhiù neo co-dhè, bha mi a' coiseachd air a’ chabhsair ann an teis-mheadhan a’ bhaile. Bha mi ann an deagh shunnd -- ‘s sin gun adhbhar soilleir.

Faisg air HMV (tha HMV againn ann a sheo cuideachd!) thachair mi ri caileag gu ìre mhath òg. Can 20 bliadhna a dh’aois, neo rudeigin mar sin.

Mar a bha i pìos beag fionnar an-diugh, bha a' chaileag sin còta le cochall air a chaitheamh. Ach b’ e cochall le diofar a bh' ann. Mar gum bitheadh dà chluais bheag bheag oirre!! Smaoinich!

Bha mi air a bhith a’ coimhead oirre airson tiotan neo dhà mus do mhothaich i mi. Cha do thuirt sinn facal ri chèile. Ach thug mi gàire rithese 's rinn i an dearbh rud riumsa.

Sheas a h-uile rud a bha ann ach tiotagan. Mar sin dheth, carson a bheil a h-uile rud fhathast nam chuimhne? Theirinn gur e glè thric na rudan beaga a dh’fhuiricheas nad chuimhne.

Mar as trice faodar a ràdh nach eil na bailtean mòra (‘s mi a’ fuireach ann am fear dhiubh) càirdeil gu leòr. Nam bheachdsa tha e cus neo-phearsanta fiù ‘s.

Gu fortanach, tha tachartasan ann an-dràsta ‘s a-rithist a dhearbhas nach eil am baile mòr gu tur dona. (Ach gàire mar ‘thachartas’ san 21mh linn!?! Mo chreach!)

Gun teagamh sam bith, faodaidh gàire a bhith na rud cumhachdach cho math ri ... gabhaltach! Fiù ‘s ann am baile mòr. ‘S geal as fhiach seo a chumail nam chuimhne.

0 Comments:

Post a Comment

Links to this post:

Create a Link

<< Home