Eadar 2 Sgeul

BLOG GÀIDHLIG SA GHÀIDHLIG...

Saturday, January 14, 2012

Às mo chiall?!

Ro àm dìnnearach chuir mi romham a dhol a-mach airson sgrìob a ghabhail. Tha e math airson slàinte dhaoine beagan eacarsaich fhaighinn.

Ach bha an teothachd timcheall air -20°C. Smaoinich! Dè do bheachd? An robh mi às mo chiall?
Ach bha mi air a bhith a’ fuireach aig an taigh fad an latha an-diugh, co-dhiù gu ruige sin, ‘s cha b’ urrain dhomh an còrr dhen latha a chur seachad gun a bhith a’ dol a-muigh air neo chuireadh seo mi às mo chiall!
Gu nàdarrach chuir mi aodach blàth orm. Fiu ‘s fo-aodach a’ gheamhraidh, ‘s e sin ri ràdh le casan fada, gam chumail ro-blàth. ‘S mar sin thug mi an t-sràid orm.
Nuair a bha mi a’ coiseachd, chunna mi solais na Nollaige a tha fhathast ann air taobh a-muigh nan taighean. Mar a chì thu, stad mi mionaid gus dealbh neo dhà a thogail. Air an làimh chlì, shuas, solais na Nollaig air neo a' gheamhraidh le solas trafaig.
Cha deach mi ro fhada. Ach ràinig mi Talla a’ Bhaile le Craobh na Nollaig ‘s solais eile air taobh a-muigh an togalaich. Abair sealladh!
'S ged a bha mi air mo reothadh leis an fhuachd thug mi dealbh eile. Seo Talla a' Bhaile.











Bha mi gu tur toilichte a bhith air ais aig an taigh an dèidh sin. Bha dìnnear mhath agam.: iasg agus sliseagan. Ach tha mi a' dèanamh fiughair ris an t-earrach a-nis.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home