Saturday, January 14, 2012
Saturday, January 07, 2012
Là nan Trì Rìghrean
Seo Craobh na Nollaig agam mar a bha i am bliadhna air beulaibh an sgàthain. Craobh bheag ach craobh co-dhiù.
Nuair a bha mi òg bha cleachdadh againn air Là nan Trì Rìghrean, ‘s e sin ri ràdh air an 6mh là den Fhaoilleach gach bliadhna. ('S e An Taisbeanadh air neo Fèill an Taisbeanaidh a tha air san Eaglais.)
Bha là air leth ann aig an àm sin leis gu robh sin an là mu dheireadh mus deach sinn air ais dhan sgoil an ath là. Mar sin chuireadh an là siud crìoch air saor-làithean na Nollaig.
Bhitheadh mo mhàthair cèic shònraichte a cheannachd air neo a fhuineadh anns an robh rudeigin cruaidh. Can cairt bheag air neo pònair.
Bha spòrs mòr agam. Smaoinich: a bhith ag ithe cèic ‘s a bharrachd air sin cothrom dhut a bhith nad rìgh nan robh thu fortanach gu leòr pìos cèic fhaighinn anns an robh a chairt bheag neo am pònair.
‘S rinn mi mo dhìcheall a bhith nam rìgh ‘s gu leòr cèic ithe. Mar rìgh bha fiù ‘s crùn pàipear agad.
Air an ath là, ‘s e sin ri ràdh air an 7mh là den Fhaoilleach, bhitheadh a Chraobh na Nollaig a chur air falbh. ‘S rinn mi sin an-diugh fhèin cuideachd. Chùm mi an tradiseanta beò!
Sunday, January 01, 2012
Bho Thìr nan Craobh
Bliadhna eile!
Aig amannan ’s e mar gum bitheadh an ùine a dol seachad ro luath. Gu h-àraidh nuair a tha thu nas aosta. Mar mise, a-nis.
Dh’fhaodainn lèirmheas a dhèanamh air na a thachairt dhomhsa ann an 2011. Ach ‘s docha gum bitheadh seo cus ùine a ghabhail.
Cha b’ e bliadhna gu tur soirbheachail a bha ann ach a dh'aindeoin sin -- ‘s gu fortanach e! -- cha b’ e bliadhna gu tur dona a bha ann.
Fhuair mi camara didseatach ùr ‘s mar sin chaidh mi air sgrìob faisg air a h-uile latha, co-dhiù fad an t-samhraidh, ‘s thog mi dealbhan -- tòrr mòr dhiubh. Rud a chòrd leam gu mòr.
Tha mi a’ dèanamh fiughair ri rudan math nam bheatha ann an 2012!
Bliadhna mhath ùr
dhan
a h-uile duine
a tha seo a leughadh!
Friday, December 01, 2006
Dìreach Jazz
Thàinig mi thairis air sreath de 6 clàran neo tiotalan jazz. Dh’fhaodar a ràdh gu bheil jazz clasaigeach a th’annta. Agus a bharrachd air sin ‘s e sreath air leth a tha ann. Co-dhiù gu ruige seo.
Agus mur eil sin tarraingeach gu leòr, tha trì clàran anns gach clàr neo tiotal! ‘S e sin ri ràdh gum faigh thu tlachd 's toil-inntinn, uairean de thìde dhiubh... (A thuilleadh air sin, cha bhith agad ri dhol seachad air a' bhuidseat agad!)
Co-dhiù neo co-dhè fhuair mi Jazz Vocal an toiseach: seinneadairean jazz. Chòrd e rium cho glan gun do fhuair mi Jazz Groups cuideachd. Agus ‘s e sin ris a bheil mi ag èisteachd an-diugh.
Bha mi fiu ‘s a’ dannsadh san trannsa eadar an seòmar-comhnaidh ‘s a’ chidsin an-diugh fhèin! Nach neònach gu bheil buaidh mar sin air duine aig cèol. Ach sin mar a tha an saoghal.
Faodaidh tu na fuaimean aotram aighearach an t-saidhleafòin neo am piàno neo an t-sagsafòin ‘s mar sin air adhart chluinntinn. Le mòran chòmhlan eadar-dhealaichte.
Ma tha fonn ort a bhith an deagh ... fhonn, sin na clàran dhutsa! Mar sin theirinn bu bheil na clàran sin cho math ‘s a nochd o chionn fhada san t-saoghal jazz.
Thàinig a’ chiad dhiubh a-mach ann an 2004. ‘S e Brilliant Jazz, an t-ainm a tha air a' chompanaidh às an Òlaind, a chur na cruinneachaidhean sin a-mach. Nach iad a rinn glè mhath!
Tuesday, October 24, 2006
A' DÈANAMH GÀIRE
Chan eil mise seo tuigsinn idir. Ged nach do lorg mi na CDan a bha mi ag iarraidh, dh'fhàg mi a' bhùth le gàire air m' aodann.
Co-dhiù neo co-dhè, bha mi a' coiseachd air a’ chabhsair ann an teis-mheadhan a’ bhaile. Bha mi ann an deagh shunnd -- ‘s sin gun adhbhar soilleir.
Faisg air HMV (tha HMV againn ann a sheo cuideachd!) thachair mi ri caileag gu ìre mhath òg. Can 20 bliadhna a dh’aois, neo rudeigin mar sin.
Mar a bha i pìos beag fionnar an-diugh, bha a' chaileag sin còta le cochall air a chaitheamh. Ach b’ e cochall le diofar a bh' ann. Mar gum bitheadh dà chluais bheag bheag oirre!! Smaoinich!
Bha mi air a bhith a’ coimhead oirre airson tiotan neo dhà mus do mhothaich i mi. Cha do thuirt sinn facal ri chèile. Ach thug mi gàire rithese 's rinn i an dearbh rud riumsa.
Sheas a h-uile rud a bha ann ach tiotagan. Mar sin dheth, carson a bheil a h-uile rud fhathast nam chuimhne? Theirinn gur e glè thric na rudan beaga a dh’fhuiricheas nad chuimhne.
Mar as trice faodar a ràdh nach eil na bailtean mòra (‘s mi a’ fuireach ann am fear dhiubh) càirdeil gu leòr. Nam bheachdsa tha e cus neo-phearsanta fiù ‘s.
Gu fortanach, tha tachartasan ann an-dràsta ‘s a-rithist a dhearbhas nach eil am baile mòr gu tur dona. (Ach gàire mar ‘thachartas’ san 21mh linn!?! Mo chreach!)
Gun teagamh sam bith, faodaidh gàire a bhith na rud cumhachdach cho math ri ... gabhaltach! Fiù ‘s ann am baile mòr. ‘S geal as fhiach seo a chumail nam chuimhne.
Thursday, September 28, 2006
ANN AN CLÒ...
Co-dhiù, a rèir na h-aithrise sa phàipear-naidheachd Disathairne sa chaidh, bha a’ Ghàidhlig na cànan marbh ‘s mar sin dheth cha robh i airidh air a bhith ga teagasg sna sgoiltean! Mo chreach!
Chan eil agam mar Ghàidheal gabhail ri beachdan ceàrr, gu sònraichte sna meadhanan, mu dheidhinn mo chànan gun ghuth ràdh!
Saturday, September 23, 2006
DEARG RÙISGTE ...
Leis gu bheil am foghar oirnn a-rithist 's mar sin gu bheil na làithean, 's gu h-àraidh na h-oidhcheannan, a bhith air fàs nas fionnaire anns na ceàrnaidhean seo, cha bhitheadh e na smuain mhath idir a bhith dearg rùisgte.
‘S mar a tha na duilleagan beag air bheag a' tionndadh gu òr sa chraoibh fo chomhair an dorais air beulaibh an taighe, tha e a' toirt gu mo chuimhne làithean a tha fad air falbh a-nis.
Sa Ghiblean 1999, bha mi air saor-làithean airson seachdain ann an ceann a deas Fhlorida sna Stàitean Aonaichte. A chiad turas riamh a bha mi ann an shin. Bha an aimsir uabhasach fhèin teth ‘s bruthainneach. Dè cho teth ‘s bruthainneach? Bha fiù ‘s na busaichean ionadail uidheamaichte le ... siostam-fhuarachaidh! Smaoinich!
As dèidh là neo dhà, chuir mi romham dhol gu tràigh eile seach fuireach air tè an taigh-òsta ann an Sunny Iles, àiteigin eadar Fort Lauderdale 's Miami Beach. Mar sin fhuair mi mi fhìn air tràigh ris an canar Haulover Beach, àiteigin eadar Sunny Isles ‘s Miami Beach.
Ach b' e tràigh le diofar a bha ann. Tràigh far a dh’fhaodadh tu na gathan na grèine mhealtainn le neo gun deise-shnàmha. Cha mhòr nach robh a h-uile duine gun deise-shnàmha!
Bha a h-uile seòrsa de dhaoine air tràigh Haulover Beach: boireann 's fireann, òg 's sean, reamhar 's caol msaa. Ach faisg air a h-uile mac 's nic màthar dhiubh gam blianadh dearg rùisgte. Ach cha robh sin gu diofar -- cho fad ‘s a bhitheadh iad ola-grèine mhath chleachdadh ... anns a h-uile àite!
Là no dhà eile as dèidh sin, chuir mi romham dhol gu South Beach, àite a tha san fhasan ‘s air leth cool ann am Miami Beach. Dh’fhaodadh tu, a rèir coltais, daoine iomraiteach fhaicinn neo co-dhiù na taighean aca.
Tha cuimhne agam fhathast aig an taigh mòr mòr ud ‘s e a' coimhead cho beag beag leis gu robh e cho fada fada bhon t-sràid. Air taobh eile dhen gheata bha rathad prìobhaideach 's air gach taobh dheth sreath de chraobhan-phailm àrda a’ tulgadh gu socair a' dol gu taigh aig ... Madonna.
Ged a chunnaic mi taighean mòra eile le daoine iomraiteach eile, cha robh sgeul air duine beò annta. Ach nuair a bha mi air Ocean Drive, sràid ainmeil a ruitheas tarsaing bhon chuan ann an South Beach, pìos beag seachad air an taigh a bha a’ buntainn ri Donatella Versace, cò a bha ann ach seinneadair à Puerto Rico a bha a’ dèanamh ainm dha fhèin aig an àm. Seadh. Bha sgioba telebhisean ionadail agallamh chlàradh le Ricky Martin fhèin air staidhre thaigh-òsta bhig. Smèid e fiù dham ionnsaidh!
Là eile, choisich mi dhan taigh-bìdh faisg air an taigh-òsta agam ann an Sunny Isles. Cha robh càil a bha às an àbhaist ann ach dealbh le Céline Dion. Thuirt cuideigin dhomh gum b’ àbhaist dhi a’ dol ann.
A-muigh fon ghrèin ‘s ri taobh na mara, le mìltean de thràighean gainmhich, chaidh agam air an oifis dripeil ‘s fuaim nam fònaichean na broinn dhìochuimhneachadh.
Ged cha do mhair na saor-làithean sin ach seachdain, tha mi fhathast gam cuimhneachadh! Tha fuaim na mara fhathast nam chluasan! ‘S math dh’fhaodte gum bi seo beagan shòlais thoirt dhomh-sa mar a tha an aimsir a’ fàs nas fionnaire ann a sheo.